Ionad nan Tursachan glè thrang

Tha dùil ri leudachadh air Ionad nan Tursachan ann an Calanais ann an Leòdhas is seusan air leth soirbheachail air a bhith ann.

Thàinig àrdachadh 10% air na tha de luchd-turais a tha air tadhal air na Tursachan am bliadhna is tha an t-ionad cuideachd air barrachd airgid a thoirt a-steach.

Is coltach gun tug na h-uidhir de rudan buaidh air sin, nam measg mar a bha na Tursachan nam pàirt de sgeulachd an fhiolm 'Brave'.