Leasachadh sa Chaol Arcach

Chaidh cead a thoirt do phròiseict mhòr sa Chaol Arcach a chleachdas cumhachd na mara.

Cuiridh a' chompanaidh MeyGen sia cruinn sa mhuir an toiseach, a' cruthachadh naoi megawatt.

Ma thèid leotha agus ma gheibh iad cead, tha a' chompanaidh airson an sgeama a leudachadh gu mòr an ceann ùine gus am bi e, aig a cheann thall, a' cruthachadh cumhachd gu leòr 'son 42,000 dachaigh.

Air fhoillseachadh