Rathad Bhalgaidh 50

Thàinig dà choimhearsnachd air Taobh Siar Rois còmhla air an deireadh sheachdain airson an là a chaidh an rathad eatorra fhosgladh a chomharrachadh.

Tha dìreach leth cheud bliadhna ann bho thogadh rathad ceart eadar Sìldeag agus Toirbheartan.

Bha an obair mar phàirt de phròiseact mhòr an riaghaltais aig an àm gus ceanglaichean-siubhail nas fheàrr a thoirt do chuid dha na h-àiteachan as iomallaiche air a' Ghàidhealtachd.

Air fhoillseachadh