"Cha chosg an ceangal rathad £43m"

Chaidh Comhairle na Gàidhealtachd às àicheadh gun cosg ceangal-rathad ùr an iar Inbhir Nis còrr is £40m.

Seallaidh aithisg a thèid air beulaibh na comhairle Diardaoin gu bheil a' phrìs air èirigh bho £27m gu £34m.

Thèid innse cuideachd gun cosgadh goireasan spòrs ùr faisg air an rathad cho àrd ri £9.5m, is luchd-iomairt ag ràdh gum faod a' phròiseict air fad cosg suas ri £43m

Tha a' chomhairle ag radh ge-ta gu bheil na goireasan spòrs nam pàirt de phròiseact fa leth.