Iolairean Uibhist

Tha tric còmhstrì eadar gnìomhachasan agus buidhnean glèidhteachais.

Ann an Loch Baghasdail ge-tà tha tuathanas bhradan agus Comann Rìoghail Dìon nan Eun ag obair còmhla airson sùil a chumail air nead iolaire-mara.

Tha bliadhna gu math soirbheachail air a bhith aig na h-iolairean mara agus ged a tha sin na adhbhar toileachais dhan RSPB, 's dòcha gu bheil gu leòr de chroitearan nach bi cho toilichte.

Air fhoillseachadh