Cothrom do shnàmhadair òg Sgitheanach

Fhuair snàmhadair òg às an Eilean Sgitheanach cothrom trèanadh aig an ìre as àirde am Breatainn.

Bidh Rut Ghòrdan, a tha 15, a' dol 700 mìle air falbh bhon taigh gu sgoil shònraichte sa Chòrn.

Tha i ag amas air àite ann an sgioba na h-Alba aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.

Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.