Ballachan tuile Abhainn Nis

Feumaidh muinntir Inbhir Nis a bhith foighidinneach fhad 's a tha sgeama airson an àite a dhìon bho thuiltean a' dol air adhart.

Sin a rèir Pròbhost Inbhir Nis, agus a' chiad earrainn den obair air tòiseachadh Diluain.

Fhuair a' chompanaidh Morgan Sindall an cùmhnant luach £8.5m, agus bidh an obair a' dol eadar Drochaid nam Manach agus Drochaid Nis.

Tha Eilidh NicAsgaill ag aithris.

Air fhoillseachadh