Naidheachdan 11:00m

Thuirt Andaidh Moireach gur e an geama an aghaidh Novak Djokjevic an-dè geama cho doirbh 's a bh' aige riamh. Rinn an t-Albannach a' chùis air Djokjevic ann an trì seataichean airson tìotal nam fear aig Wimbledon, 's e a' dèanamh rud nach do rinn fear eile à Breatainn bho thog Sir Fred Perry an tìotal ann an 1936. Aig a' cheart àm thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach eil esan a' toirt feart dha feadhainn a tha ga chàineadh airson bratach na h-Alba a thogail aig Wimbledon an-dè. Thuirt Mgr Salmond nach robh e ach a' comharrachadh Albannach a' glèidheadh tìotal Wimbledon airson a' chiad turas ann an còrr is 100 bliadhna.

Thuirt an Riaghltas anns an Èipheit gun deach còrr is 30 duine a mharbhadh ann an sabaid ann an Cairo eadar feachdan an Airm agus luchd-iomairt. Thuirt an t-Arm gun do dh'fheuch feadhainn a tha dìleas dhan Cheann-Suidhe a chaidh a chur às an dreuchd an t-seachdain seo chaidh, Mohammed Morsi, ri bristeadh a-steach dhan togalach anns an bheil esan ga chumail an grèim. Tha pàrtaidh poileataiceach Mhgr Morsi, am Bràthrachas Muslamach, ag ràdh gun deach losgadh orra gun adhbhar fhad 's a bha iad ag adhradh faisg air an togalach.

Thuirt a' mhòr-chuid de dh'ùghdarrasan ionadail na h-Alba gun tàinig àrdachadh air an àireamh dhaoine air a bheil fiachan le màl nan taighean-comhairle aca an dèidh atharrachadh ann an sochairean taigheadais anns a' Ghiblean. Thuirt caidrerachas nan ùghdarrasan iondail, COSLA, ma leanas seo, gum faodadh àrdachadh de £25m a bhith ann am fiachan màil ro dheireadh na bliadhna-iomhais. Agus tha a' bhuidheann ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte beachdachadh a-rithist air Cìs nan Seòmraichean Cadail - am Bedroom Tax.

Chaochaill Kay NicMhathain, a tha ainmeil airson a pàirt ann a bhith a' toirt na cloiche, an Lia Fàil, a-mach à Abaid Westminster. B' i an aon bhoireannach, còmhla ri triùir eile, a thug a' chlach a-mach às an abaid air Là na Nollaige ann an 1950. Lean rannsachadh mòr poilis an dèidh sin, anns an deach a' chrìoch eadar Alba agus Sasainn a dhùnadh. Dh'fhàg iad a' chlach mu dheireadh thall aig Abaid Obar Bhrothaig. Bha i 84, agus chaochaill i ann an dachaigh chùraim aig Loch Iù air taobh siar Rois.

Tha còrr is 20,000 dachaigh agus togalach gun seirbheis an uisge ann an ceann a tuath Ghlaschu eadar Bearsden, Muileann Dhàibhidh, agus Maryhill. Tha Rathad Maryhill far an do bhris a' phìob, dùinte. Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill a' phìob a chàradha gus an t-uisge a thilleadh cho luath 's is urrainn dhaibh.

Ghabh Riaghaltas na h-Alba ri pàipear anns an deach mìneachadh air dòigh sam bi Coimisean na Croitearachd a' dèanamh an cuid obrach a rèir na chaidh iarraidh ann an Achd Ath-Leasachaidh na Croitearachd ann an 2010. Tha stad a chur air crìonadh an t-sluaigh anns na sgìrean iomallach aig meadhan a' phlana.

Air fhoillseachadh