HHP ag iarraidh barrachd airgid

Chaidh iarraidh air Ministear Taigheadais na h-Alba, Mairead Burgess, beachdachadh air barrachd taic-airgid a thoirt do Chompàirteachas Taigheadas Innse-Gall.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil iad a' fulang ri linn cìs an t-seòmair chadail gu sònraichte.

Bha am ministear a' tadhal air na h-Eileanan an Iar agus i a' toirt sùil air obair-leasachaidh air seann Hostel Ghibson ann an Steòrnabhagh.