Seirbheis Ghatwick gus leantainn

Thèid seirbheis-adhair eadar Inbhir Nis agus Gatwick Lunnainn a ghlèidheadh agus Easyjet air dearbhadh gum bi iad a' ruith sheirbheisean moch 's anmoch.

Bha dragh ann gun sguireadh na seirbheisean nuair a reic Flybe na làraich aig Gatwick ri Easyjet.