Naidheachdan 11:00m

Tha dùil gum bi am Prìomhaire Dàibhidh Camshron a' bruidhinn air Sràid Downing a dh'aithghearr, an dèidh na h-ionnsaigh ann an Woolwich an-dè. Bha e anns a' Chathair aig coinneimh èiginnich de bhuidheann an Riaghaltais "Cobra" an-diugh, an dèidh na h-ionnsaigh. Chaidh a dhearbhadh gun robh an duine a chaidh a mharbhadh anns na feachdan armaichte, agus tha amharas ann gur e ionnsaigh radaigeach Ioslamach a bh' ann. Chaidh aon fhear a chlàradh le fuil air a làmhan ag ràdh gun do mharbh e an duine seach gun robh saighdearan Breatannach a' marbhadh Mhuslamach gach là.

Tha figearan oifigeil a' sealltainn nach deach eaconamaidh Bhreatainn air ais ann an crìonadh air a' mhìos a chaidh. Tha na figearan mar dhearbhadh air àireamhan a sheall gun tàinig fàs de 0.3% airson a' chiad trì mìosan den bhliadhna.

Dh'innis a' chompanaidh Flybe gu bheil iad a' reic nan àiteachan èirigh agus laighe aig Port-adhair Gatwick ann an Lunnainn chun na companaidh Easyjet. Tha seo airson cosgaisean a chumail sìos. Ach tha draghan ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh seo toirt air ceanglaichean adhair bhon Ghàidhealtachd, agus cuid den bheachd gum faodadh àrdachadh tighinn air prìsean no atharrachadh air uairean siubhail.

Tha rabhadh air tighinn à Leòdhas gun cuir a' mhì-chinnt mu chàbal dealain eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr dàil air a' phròiseact chumhachd mhara as motha ann am Breatainn. Dh'innis Riaghaltas na h-Alba an-dè gun robh iad air làn-chead a thoirt do dh'Aquamarine Power airson tuath suailichean a chur a-mach bho chladach Shiadair ann am Barabhas.

Chaidh iarraidh air còrr air 130,000 carbad a thoirt air ais, leis a' chompanaidh Nissan air a bhith ann an trioblaid co-cheangailte ri cuibhle-stiùiridh. Tha seo a' toirt buaidh air Micras aig Nissan a chaidh a dhèanamh ann an Sunderland eadar an Dùbhlachd 2002 agus an Cèitean 2006.

Tha seirbheis ùr a' ceangail Cinn Tìre, Siorrachd Àir agus Eilean Arainn a' tòiseachadh an-diugh. Bidh an t-seirbheis a' ruith as t-Samhradh, trì trup san t-seachdain, eadar Ceann Loch Chille Chiarain agus Àird Rosain, a' tadhail cuideachd air Eilean Arainn air Disathairne. Thèid a ruith an toiseach mar sgeama pìolat gu ruige 2016.