A' comharrachadh Chaluim Chille

Fad bhliadhnaichean mòra bha Ì Chaluim Chille aig cridhe na Crìosdaidheachd ann an Alba.

Air deireadh na seachdain bha an dàimh eadar e agus an t-Eilean dhan tug e ainm ga chomharrachadh 's 1,450 bliadhna bho thàinig e ann.

Tha cuideachd 75 bliadhna bho chaidh Coimhearsnachd Eilean Ì a stèidheachadh.

Tha a-nis taisbeanadh ùr ann cuideachd anns an gabh seann chroisean shnaighte an Eilein fhaicinn airson a' chiad uair ann am bliadhnaichean mòra.

Thug Seonaidh MacCoinnich sgrìob don eilean.

Air fhoillseachadh