Buinn do Laoich nan Convoy

Fhuair na dusanan sheann mharaichean marsanta buinn shònraichte airson na rinn iad aig àm an Dàrna Chogaidh.

Bha iad uile an lùib na h-Arctic Convoys, a' giùlain bìdh agus stuth-cobhair bho Loch Iù air taobh Siar Rois dhan Ruis.

Chumar seirbheis dhaibh ann am Poll Iù Diardaoin an dèidh iomairt mhòir a mhair cha-mhòr 20 bliadhna airson aithne a thoirt do an cuid gaisgeachd.

Bha Eilidh NicAsgaill aig an t-seirbheis.

Air fhoillseachadh