Tachartas a' comharrachadh 40 bliadhna sa ghleann

Chaidh comharrachadh a dhèanamh ann an Srath Chonan air mar a tha fear à Ratharsair air 40 bliadhna a chur seachad - a' cìobaireachd air an oighreachd.

Tha Dòmhnall MacLeòid air a bheatha a chur seachad am measg chaorach - agus ged a tha e a-nis 80, chan eil e airson cùl a chur ris a' ghleann , neo ris an obair aige.