Alba gun duaisean aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Cha d'fhuair Alba duais sam bith Diardaoin aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach a tha a' dol sa Chuimrigh an-dràsta.

Ach bha grunn thachartasan a' dol tron là airson a h-uile duine a chumail ann a sunnd.

Nam measg bha bùth-obrach de lìonra stèiseanan telebhisein nam mion-chultaran bho air feadh an t-Saoghail a' gabhail a-steach Maori TV à New Zealand agus NITV às Astràilia.

Tha Andreas Wolff ag aithris à Swansea.