Connspaid mu Sheach-rathad an Iar Inbhir Nis

Thàinig e am bàrr gu bheil a' chompanaidh thogail as motha air a' Ghàidhealtachd, Tulloch, agus a' chompanaidh bhùithdean Tesco air a bhith a' coiteachadh Comhairle na Gàidhealtachd airson rathad connspaideach ùr a thogail ann an Inbhir Nis, tro phàirce-rugbaidh a' Bhught.

Sin an t-slighe a thagh a' Chomhairle, a-mach à grunn roghainnean.

Chaidh a' Chomhairle às àicheadh gun tug obair nam buidhnean sin buaidh sam bith air a' cho-dhùnadh aca-san.

Seo Seonaidh MacCoinnich.