Naidheachdan 11:00m

Tha na mìltean dhaoine eadar Eilean Arainn agus Cinn Tìre fhathast gun dealan an dèidh sneachda thruim agus gèile aig deireadh na seachdain. Ged a tha na companaidhean cumhachd an dòchas a thilleadh dhan mhòr-chuid uaireigin an-diugh, tha dragh ann gum bi Dihaoine ann mus till an dealan do chuid ann an Eilean Arainn. Thuirt Scottish Power gu bheil trì cheud dachaigh a tha a' faighinn na seirbheis bhuapasan gun dealan an iar-dheas na h-Alba. Thuirt SSE gu bheil 3,500 dachaigh acasan gun dealan ann an Cinn Tìre, agus 1,500 ann an Arainn.

Thig rabhadh bho Dhàibhidh Camshron an-diugh gu bheil feadhainn a nì in-imrich a Bhreatainn às dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich an cunnart cuid de na sochairean a chall mur a faigh iad obair an taobh a-staigh sia mìosan. Canaidh Mgr Camshron ann an òraid feasgar nach leig iad leas a bhith an dùil gum faigh iad leithid cùraim an asgaidh bho Sheirbheis na Slàinte gun dad a dhèanamh air a shon.

Dh'aontaich còmhraidhean anns a' Bhruiseal cobhair de €10bn a dhèanamh air Cìopras gus nach tèid an dùthaich banca-briste. Ach fon aonta sin leis an EU agus an IMF, chan fhaigh Pàrlamaid Chìoprais bhòt air am faodadh feadhainn suas ris an treas cuid de na tha sa chunntas-banca aca a chall mar phàirt den chobhair sin.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba plana airson casg a chur air smocadh air làraich ospadal an taobh a-staigh dà bhliadhna. Thèid innse do bhùird NHS gum feum iad stad gu lèir a chur air smocadh air fearann sam bith a bhuinneas do dh'ospadal agus an casg sin ri tòiseachadh anns a' Mhàrt ann an 2015.

Tha aithisg ùr ag ràdh gum feumar coimhead a-rithist air siostam subsadaidh do chroitearan agus tuathanaich bheaga mar phàirt den atharrachadh air Poileasaidh Choitcheann an Àiteachais. Tha na diofar bhuidhnean a tha an sàs anns an rannsachadh ag ràdh nach eil croitearan a' faighinn na taic air a bheil iad airidh fo na sgeamaichean a th' ann an-dràsta.

Tha fiosrachadh an seo mu choinneimh a bha gu bhith ann an Nis a-nochd 's a th' air a cur dheth an dèidh bàis ann an Sgiogarstadh. Sin foillseachadh an leabhair Sgoil Sgiogarstaidh. Chaidh sin a chur dheth, ach bithidh coinneamh bhliadhnail Chomann Eachdraidh Nis a' dol air adhart ann an Sgoil Chrois a-nochd aig 7:30f mar a bha dùil.

Air fhoillseachadh