Croitean coille

Tha buidheann coimhearsnachd ann an Srath Charrann ag amas air coille ionadail a cheannach 's iad airson taighean a thogail agus croitean coille a chruthachadh.

Thathas an dòchas gum faigh muinntir na sgìre buannachd às an sgeama.

Ach mar a chuala am fear-naidheachd againn, Dòmhnall MacLaomainn, tha astar fada ri dhol mus tig cùisean gu buil.