Naidheachdan 11:00m

Tha sgoilear ainmeil eachdraidh ag ràdh gu bheil an Eaglais Chaitligeach an Alba anns na staing as miosa san robh i bho àm an Ath-leasachaidh. Thuirt an t-Àrd-Oll. Tom Devine à Oilthigh Dhùn Èideann, gu bheil e doirbh a dhèanamh a-mach dè cho mòr 's a bhios a' bhuaidh a bheir suidheachadh a' Chàrdanail Keith O'Brien air an eaglais anns an ùine ghoirid. Dh'fhàg an Càrdanal a dhreuchd an dèidh do cheathrar a bha nan sagartan sna h-80an a ràdh gun robh e ri dol-a-mach mì-iomchaidh riutha. Ach tha an Càrdanal a' cur an aghaidh nan casaidean.

Bha dithis Bhreatannach am measg luchd-turais a chaidh a mharbhadh ann an tubaist le balùn-adhair anns an Èipheit. Dhearbh a' chompanadih Thomas Cook an àireamh Bhreatannach an ceartuair. Chaidh co-dhiù 14 de luchd-turais a mharbhadh nuair a chaidh am balùn na theine faisg air baile Luxor ann an ceann a deas na dùthcha. Tha e air aithris gun do spreadh e an uair sin 's gun do thuit e gu talamh. Chaidh dithis Bhreatannach eile a thoirt dhan ospadal.

B'fheudar do bhàta-teasairginn luchd-smàlaidh a thoirt a dh'Eilean Ratharsair tràth madainn an-diugh an dèidh do thaigh a dhol na theine. Chaidh aon rùm a mhilleadh gu tur anns an taigh ann an Inbhir Àrais. Bha aonad-smàlaidh an eilein fhèin a' cur feum air taic, 's thug bàta-teasairginn Phort Rìgh sianar smàladairean a-null à Port Rìgh.

Tha casg ga chur air daoine a th' air an croitean a cheannach bho a bhith a' toirt talamh a-mach à croitearachd. Thuirt Coimisean na Croitearachd gun tàinig orra casg a chur an sàs an-dràsta air sgàth draghan mu Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd. Tha coltas gu bheil am briathrachas a th' anns a Achd a' ciallachadh nach gabh talamh air croit a chaidh a cheannach leis a' chroitear a thoirt a-mach à croitearachd.

Thèid iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh airgid a chur ri pròiseactan ann an Uibhist airson feuchainn ri smachd a chumail air àireamh nan geadh. A rèir Dualchas Nàdair na h-Alba, a th' air a bhith ga sgrùdadh, tha iad a-nis gu math nas pailte na bha iad anns na h-Eileanan Siar.

Gheibh daoine a bh' anns na h-Arctic Convoys, agus ann am Bommer Command àm an Dàrna Cogaidh buinn a' comharrachadh an gaisgeachd mu dheireadh thall. Tha daoine air a bhith ag argamaid airson duais den t-seòrsa a thoirt a-steach bho chionn bhliadhnaichean. Mur a bheil na daoine fhèin beò, gheibh am banntraichean am bonn.

Tha coltas gun tèid na h-aonadan-smàlaidh coimhearsnachd ann an Cnòideart agus ann an Eige a dhùnadh. Thèid na molaidhean air beulaibh Bhòrd-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean Dihaoine. Tha ceannardan na seirbheis ag ràdh nach eil daoine sa choimhearsnachd a ruitheas iad agus nach eil feum mhòr orra.

Air fhoillseachadh