Naidheachdan 11:00m

Tha Buidheann Inbhe a' Bhìdh an Alba ag ràdh nach eil slàinte a' phobaill ann an cunnart an dèidh mar a chaidh feòil eich a lorg ann am burgar bho chidsean sgoile ann an Siorrachd Lannraig a Tuath. Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood nach bu chòir an leithid a bhith air tachairt idir. Chaidh a ràdh ri comhairlean na h-Alba burgaran reothte a sheachnadh anns an eadar-ama. Aig a' cheart àm thèid trì de na dinnearan deasaichte aig Birdseye a thoirt far nan sgeilpichean an dèidh do dh'fheòil eich a bhith air a lorg ann an chilli con carne a bh' air a reic anns a' Bheilg. Tha iad gu bhith a' dèanamh dheuchainnean air dinnearan eile leis gun tàinig iad bhon aon àite anns a' Bheilg.

Tha fireannach air a bheatha a chall an dèidh mar a chaidh bàt-iasgaich fodha far chosta na Hearadh feasgar an-dè. Bha triùir air bòrd an Achieve, agus fhuair iad uile air bòrd rath-sàbhalaidh a' bhàta mu 3:00f an dèidh dhaibh gairm èiginneach a chur a-mach. Lorg heileacoptair teasairginn Steòrnabhaigh na fireannaich an dèidh dhaibh flèar a leigeil às. Tha an dithis eile a bh' air bòrd a-nis air faighinn a-mach às an ospadal.

Tha dùil ri co-dhùnadh aig 12:30f an-diugh an tèid Oscar Pistorius a shaoradh air urras. Tha e a' dol às àicheadh gun do mhuirt e a leannan Reeva Steenkamp, 's e ag ràdh gun robh e a' smaoineachadh gun robh cuideigin air briseadh a-steach dhan dachaigh aige ann am Pretoria.

Tha cuid de mhinistearan na h-Eaglaise Saoire air sgrìobhadh gu Pàrlamaid na h-Alba a' gearain mu mar a chaidh còirichean seilge Eilein Ratharsair a reic ri gnìomhachas ann an ceann a deas na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba air fearg a chur air croitearan an eilein le bhith a' creic nan còirichean a th' air a bhith aca fad 18 bliadhna, ri companaidh ann an Siorrachd Àir a Deas.

Tha dràibhearan làraidhean BP aig Ionad-giollachd Ola Inbhir Ghràinnse air stailc trì làithean a thòiseachadh madainn an-diugh, agus eas-aonta a' leantainn a thaobh ghearraidhean ann am peinseanan agus ann an tuarastalan. Tha an t-aonadh Unite air rabhadh a thoirt seachad gun toir an stailc buaidh air còmhdhail na h-Alba. Ach tha manaidsearan an ionaid a' dol às àicheadh sin.

Thèid còrr is £1m a chosg ann an oidhirp daoine air a' Ghàidhealtachd a chuideachadh gus a' chiad dachaigh aca a cheannach. Chaidh an t-airgead de £1.3m fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba airson leigeil le daoine fuireach ann an taigh fad còig bliadhna mus fhaigh iad cothrom a cheannach aig prìs nas saoire. Thèid cuid den airgead a tha iad air pàigheadh ann am màl a thoirt air ais dhaibh airson a chleachdadh mar airgead-eàrlais air taigh ùr.

Air fhoillseachadh