Beàrnaraigh gu bhith leis a' choimhearsnachd?

Tha muinntir Bheàrnaraigh ann an Leòdhas a' beachdachadh air an t-eilean a cheannach, às dèidh dhan fheadhainn leis a bheil e leigeil fhaicinn gum biodh iad deònach a reic riutha.

Bhàsaich an duine leis an robh e, an Count Robin Mirlees san Ògmhios an-uiridh, agus chaidh fhàgail an uair sin aig ogha nach eil ga iarraidh.

Bha an tè-naidheachd againn Catriona NicIlleathain ann am Beàrnaraigh agus dh'innis i dhuinn beagan mu na tha a' dol.

Air fhoillseachadh