BBC Naidheachdan

Ùine a' ruith air Seapail Ghàidhlig Chrombaidh

Thàinig rabhadh gu bheil an ùine a' ruith air iomairt airson seapail Gàidhlig ann an Cromba a shàbhaladh.

Sin a reir a' chomhairlaiche a tha os cionn na h-iomairt.

Às dèidh deich bliadhna chan eil iad air adhartas sam bith a dhèanamh agus tha an togalach, a chaidh a thogail anns an 18mh Linn, gus tuiteam às a chèile.

Chaidh am fear-naidheachd againn Dòmhnall MacLaomainn a-mach a dh'fhaicinn gu dè direach an ìre aig a bheil iad.