Iomairt mhòr dhrogaichean
Chaidh drogaichean luach £20,000 a chur an grèim ann an iomairt phoilis ann an Inbhir Nis agus Merseyside.
Bha Poilis a' Chinn a Tuath am measg trì feachdan a chuir faisg air 80 oifigear an sàs anns an iomairt air an deireadh sheachdain.
Mar a mhìnich an tè-naidheachd, Eilidh NicAsgaill, bha na rèadan nam pàirt de ro-innleachd nas fharsainge a tha a' feuchainn ri bacadh a chur air malairt dhrogaichean air a' Ghàidhealtachd.