£1.9m do Thaigh-Staile na Hearadh
Fhuair pròiseact airson taigh-staile ùr a thogail sna Hearadh taic £1.9m Diluain.
'S ann bho sgeama Margaidheachd agus Biadh an Riaghaltais Albannaich a thàinig an t-airgead, agus bha am pròiseact am measg còig eile a fhuair taic cuideachd.
Bha Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead air an Tairbeart airson seo a chomharrachadh.
Tha an aithris seo aig Catriona NicIlleathain.