BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha coltas ann a-nise gun deach mu 80 duine a mharbhadh aig an ionad ghas ann an Algeria far an tug ceannarcaich Ioslamach luchd-obrach am bruid an t-seachdain seo chaidh. 'S e feadhainn a chaidh a thoirt am bruid a bh' ann am faisg air leth dhiubh sin, agus tha e coltach gu bheil co-dhiù sianar à Breatainn nam measg. Bheir am Prìomhaire aithris air an t-suidheachadh do Thaigh nan Cumantan feasgar.

Tha boireannach òg, 24 bliadhna de dh'aois, agus a bhuinneas do Cho. Durham, gu math ìosal ann an ospadal an Southern General ann an Glaschu, an dèidh maoim-sneachda ann an Gleann Comhann air an deireadh sheachdain anns an deach a ceathrar companach a mharbhadh. Thàinig aon duine às beò.

Tha feachdan Afganach a' feuchainn ri smachd a ghabhail a-rithist air oifis poilis ann an Kabul an dèidh dhan Taliban ionnsaigh a thoirt air an togalach. Thuirt Poilis gun deach triùir den Taliban a mharbhadh.

Tha aithrisean a' tighinn à Màli gu bheil feachdan Fraingeach agus arm an riaghaltais an sin a' gluasad gu baile Diabaly, a bha fo smachd reubaltach Ioslamach. Tha e coltach nach deach sabaid sam bith a dhèanamh an aghaidh nam feachdan Fraingeach.

Tha sneachda trom a' dèanamh trioblaid air mòran de thaobh sear na h-Alba 's na Crìochan. Chuir Oifis na Sìde rabhadh a-mach do mhòran sgìrean eadar Lodainn, Fìobha, na Crìochan, agus dhan iar gu ruige Srath Chluaidh. Tha sgoiltean dùinte sna Crìochan, agus ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Chuir ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, fios air Bòrd Slàinte na sgìre a' faighneachd an do rinn iad oidhirp sam bith air seirbheisean-adhair eadar Barraigh, Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh a dhìon. Tha Comhairle nan Eilean Siar air a ràdh gum faodadh iad, le cion taic-airgid, na seirbheisean sin a ghearradh.

Chaidh fàilte air an naidheachd gun dèan Oifis na Malairt Cothromaiche rannsachadh mionaideach air dòighean-obrach na companaidh connaidh GB Oils, dham buin Scottish Fuels, anns na h-Eileanan an Iar. Tha dragh ann mun diofar eadar prìsean anns na h-eileanan agus air Tìr Mòr, agus mòran a' coireachadh na companaidh air a shon. Thuirt GB Oils gun aithne dhaibh gu bheil an rannsachadh a' dol air adhart, agus gun toir iad làn-taic dha.