BBC Naidheachdan

Dà phròiseact coimhearsnachd an Leòdhas ann an staing

Tha dà phròiseact coimhearsnachd ann an Leòdhas ann an cunnart sguir air sgàth cion daoine a tha deònach cuideachadh gu saor-thoileach.

Aig deireadh na mìos thèid coinneamh èiginneach a chumail anns an Rubha airson na thachras le fèill àiteachais na sgìre a dheasbad.

Agus an ath-sheachdain thèid coinneamh a chumail ann an Ceann a Tuath nan Loch agus feum air daoine gus ionad coimhearsnachd na sgìre a chumail fosgailte.

Tha Murray MacLeòid ag aithris.