Factaraidh ghiollachd a' dùnadh
Tha eaconamaidh Loch Abar air buille eile fhulang.
Dùinidh factaraidh giollachd mhaorach anns a' Chorpaich aig deireadh na seachdain.
Caillidh 27 duine an cosnadh.
Cho-dhùin Associated Seafoods Eta, leis a bheil i, a dùnadh leis gu bheil a' mhargaidh thall-thairis a' crìonadh.
Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.