BBC Naidheachdan

Rathaidean Ratharsair

Tha rathaidhean Ratharsair ann an staid cho truagh 's gur dòcha nach fhada gus nach gabh cuid aca cleachdadh, a rèir muinntir Ratharsair fhèin.

Nam measg tha fear de na rathaidean as ainmeile air Ghàidhealtachd, Rathad Chaluim, a chaidh ainmeachadh mar urram don fhear a thog e le a làmhan fhèin.

Tha ìmpidh a-nis ga cur air Comhairle na Gàidhealtachd obair-càraidh a dhèanamh cho luath 's a ghabhas.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.