BBC Naidheachdan

Taic Eòrpach son iasgairean

Tha dùil gum bi sia bàtaichean ri iasgach a' mhuasgain-chaola as ùr anns na h-Eileanan an Iar ro mheadhan na bliadhna.

Tha seo às dèidh dhan Roinn Eòrpa aonta a chuir ri sgeama taic-airgid a chuir Comhairle nan Eilean Siar air bhonn airson ath-nuadhachadh a thoirt air an iasgach.

Ged nach eil na bàtaichean air an ùr thogail tha iad nas fheàrr na mòran de na bàtaichean a tha anns na h-eileanan an-dràsta.

Tha an sgeama gu sonraichte son iasgairean aig a bheil bàtaichean mur tha ach a tha ag iarraidh t-eile a thèid na àite.