BBC Naidheachdan

Ceist mu stèiseanan smàlaidh

Dh'fhaodadh gum feum cuid de stèiseanan smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean dùnadh nuair a thèid aon fheachd smàlaidh nàiseanta gu buil sa Ghiblean.

Ann an sgrùdadh ùr air an t-seirbheis aig tuath, tha Àrd Inspeactar nan Ughdarrasan Smàlaidh, Steven Torrie, ag ràdh gun deach adhartas a dhèanamh bho bha an sgrùdadh mu dheireadh ann an-uiridh, ach gu bheil na h-uidhear fhathast ri dhèanamh.