Bàt-aiseig ùr Ratharsair
Chaidh bàt'-aiseig ùr Eilein Ratharsair, MV Hallaig, a chur air bhog air Abhainn Chluaidh feasgar Diluain.
'S e bata eachdraidheil a th' innte ann an corra dhòigh, agus i air a' chiad bhàta coimearsalta a chaidh a thogail 's a chur air bhog air an abhainn ann an coig bliadhna.
'S i cuideachd a' chiad tè san t-saoghal a nì feum de bhataraidh, a thuilleadh air einsean diesel.
Chosg i £11m, 's bha Iain MacDiarmaid aig a' chuirm air Cluaidh.