Baile ùr sna Hearadh?
Tha beachdan muinntir na Hearadh gan sireadh an-dràsta air planaichean son baile beag ùr a thogail san sgìre.
Tha Urras Taobh Siar na Hearadh airson ochd taighean agus ionad coimhearsnachd a thogail faisg air Horgabost.
Thèid beachdan a' phobaill fhighe a-steach dhan dàrna ìre de dh'obair dealbhachaidh.
Tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan ag aithris.