BBC Naidheachdan

Tagradh Telebhisein 'son tidsearan

Airson a' chiad turas riamh thèid sanasan telebheisein Gàidhlig a chraoladh gus daoine a bhrosnachadh a dhol a-staigh airson teagaisg.

Thèid na sanasan 'Thig a Theagaisg' a chraoladh air STV.

Aig a' cheart àm ge-tà, dh'aidich Bòrd na Gaidhlig nach eil fhios aca le cìnnt cia mheud tidsear air a bheil iad ag amas gus dùblachadh a thoirt air an àireamh de chloinn a tha a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.