'Chan eil a' Ghàidhlig marbh san Eaglais Bhric'
'Chan eil a' Ghàidhlig marbh san Eaglais Bhric.'
'S e sin an teachdaireachd a tha a' tighinn bho luchd-ionnsachaidh a' chànain san sgìre.
Tha seo às dèidh mar a dh'èirich buaireadh nuair a thuirt aon chomhairliche gun robh an cànan marbh.
Leis a' phlana ùr Gàidhlig ga dhealbhachadh thuirt an Comh. Iain McLuckie nach robh e a' tuigsinn carson a tha Riaghaltas na h-Alba airson Gàidhlig a chur air adhart ann an sgìre far a bheil glè bheag ga bruidhinn.
Tha Caitriana Deeprose ag aithris.