BBC Naidheachdan

An Dealbh-cluiche Albannach...

Nochdaidh "an Dealbh-chluich Albannach" mar a bhios aig cleasaichean air, neo MacBeth aig tèatar an Tron ann an Glaschu oidhche Ardaoin, le dreach ùr.

Chaidh an dealbh-chluich aig Uilleam Shakespeare eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Iain Dòmhnallach, agus thèid a' stiùireadh le Liz Caruthers, le Dàibhaidh Walker a' cluiche an Rìgh Albannaich MacBheatha mac Fhionnlaigh.

Fhuair Ruairidh Rothach cothrom tadhail air an sgioba 's iad ag ullachadh.