BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha àrd-choinneamh a' tòiseachadh sa Bhruiseall, far am feuch ceannardan Eòrpach ri buidseat an Aonaidh Eòrpaich aontachadh airson an ath sheachd bliadhna. Thuirt Prìomhaire Bhreatainn, Dàibhidh Camshron, gum bhòt esan an aghaidh aonta sam bith a tha dona do Bhreatainn. Tha an EU ag iarraidh àrdachaidh mu 5%, ach thuirt Mgr Camshron nach urrainn dhasan gabhail ri àrdachadh nuair a tha tighinn air fhèin gearraidhean a chur an sàs ann am Breatainn.

Tha mòran de dh'Alba a' fulang le là eile de dh'uisge trom is gaoth làidir a tha a' toirt buaidh air luchd-siubhail mar thà, le stad agus maill air mòran de na seirbheisean aiseig. Aig deas ghearr dealannaich cumhachd gu 500 dachaigh faisg air Baile na h-Ùige, agus ann an Siorrachd Pheairt chaidh 2,000 poca-gainmhich a chur gu baile beag Cuimrigh, far an do sgaoil bruthaichean na h-aibhne na bu tràithe an t-seachdain seo.

Tha a h-uile coltas ann gu bheil aonta na sìthe a' seasamh aig an ìre seo co-dhiù eadar Israel agus Hamas ann an sgìre Ghàsa. Tha rèidio Israelach ag aithris gun deach mu 20 rocaid a losgadh air ceann a deas na dùthcha bho chaidh aonta a dhèanamh an-dè.

Tha an riaghaltas ann an Westminster ag innse an-diugh mun phlana aca airson deasbad am bu chòir cead-bhòtaidh a thoirt do phrìosanaich. An-dràsta chan fhaod bhòtadh ach prìosanaich a th' air remand. Ach tha Riaghaltas Bhreatainn airson beachd a thoirt do bhuil-phàrlamaid air a' chùis an dèidh riaghlaidh Eòrpaich gu bheil e mì-laghail casg-bhòtaidh a chur air a h-uile prìosanach.

Chaidh dearbhadh gur e corp dràibhear làraidh, a chaidh a dhìth bho chionn 13 bliadhna, a fhuaireas ann an Siorrachd Pheairt o chionn dà mhìos. Chaidh fear dhan phrìosan ann an 2010, airson Àdhamh Alexander a mharbhadh. Fhuair poilis dust Mhgr Alexander an dèidh rannsachaidh ann am pàirce eadar Dùn Dè agus Peairt anns an t-Sultain.

Tha Comataidh nan Cunntasan Poblach ann an Taigh nan Cumantan a' ceasnachadh bhall de dh'Urras a' BhBC mun t-suim-airgid a fhuair Seòras Entwhistle nuair a dh'fhàg e a dhreuchd mar Àrd-Stiùiriche a' BhBC. Fhuair esan £450,000 - a dhà uidhir 's a dh'fheumadh e fon lagh - nuair a dh'fhalbh e na bu tràithe air a' mhìos seo an dèidh connspaid mun phrògram Newsnight a rinn ceangal nach bu chòir eadar fear a bha àrd anns a' Phàrtaidh Thòraidheach, agus casaidean mu dhrabastachd chloinne.