BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha riaghladair a' chraolaidh Ofcom a' rannsachadh prògraim This Morning aig ITV, agus Newsnight aig a' BhBC, mu ghearainnean gun do bhris iad modhan craolaidh. Tha ITV fo rannsachadh mun phrògram This Morning anns an do chuir am preasantair Philip Schofield liosta mu choinneimh Dhàibhidh Chamshroin, le ainm dhaoine a bha fo amharas mu dhrabastachd chloinne a bha e air a chruinneachadh bhon eadar-lìon. Dh'iarr ITV maitheanas a-rithist an-diugh airson na thachair an sin. Tha an rannsachadh mu Newsnight, mun dòigh anns an do dh'ainmich am prògram sin am Morair McAlpine gu ceàrr co-cheangailte ri casaidean drabastachd chloinne. Thuirt fear-lagha a' Mhorair MhicAlpine, agus am BBC cuideachd, gu bheil iad an dòchas gun ruig iad aonta mu airgead-dìolaidh dha-san an-diugh fhathast.

Thuirt ministear ann an Riaghaltas Israel, ma thèid an còrr rocaidean a losgadh orra bho sgìre Ghàsa, gum marbh iad ceannard na buidhne Hammas, Ismail Haniyeh. Mharbh na h-Israelich ceannard airm Hammas, Ahmed Jabari, an-dè le ionnsaigh on adhair air Gàsa. Chaidh deichnear Phailistinianach eile, agus triùir Israelach a mharbhadh anns an t-sabaid eadar an dà thaobh an-dè agus an-diugh.

Thuirt Centrica, a' chompanaidh dham buin British Gas gu bheil dùil aca ri prothaid de £1.4bn air a' bhliadhna seo. Tha Centrica a' cur 6% ri prìs a' chumhachd a tha iad a' reic bho a-màireach.

Chaidh uard aig Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh a dhùnadh do dh'euslaintich as ùr le coltas gu bheil Tinneas a' Gheamhraidh (Noro-Bhìoras) air feadhainn dhiubh. Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gum fuirich Uard Meidigeach 2 dùinte a' chiad ghreis, ged nach eil dearbhadh ann fhathast air Noro-Bhìoras.

Tha Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster ag iarraidh mìneachaidh nas soilleire bhon Riaghaltas air co-dhùnadh fo an tèid dà stèisean Mhaor-cladaich ann an Alba a dhùnadh. Tha a' chomataidh a' togail dragh gu h-àraid gun tèid eòlas ionadail a chall nuair a dhùineas stèiseanan Chluaidh agus Fhoirthe, agus cuideachd a' bhuaidh a dh'fhaodas sin a thoirt air ìre na seirbheis.

Thug Comhairle nan Eilean Siar seachdain eile do luchd-rianachd na companaidh Patton, airson innse am bi iad a' cumail orra ag obair air Caisteal Leòdhais. Thuirt companaidh Nèill MhicAoidh, a tha a' feitheamh ri £400,000 bho Patton, gum bi iadsan a' toirt an luchd-obrach far làraich-obrach a' chaisteil a-màireach.