BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, gum bi i a' tagradh an aghaidh co-dhùnaidh an-dè fo an tèid an clèireach radaigeach Muslamach, Abu Qatada, a shaoradh às a' phrìosan an-diugh. Tha esan air a bhith an sàs ann an strì laghail fad seachd bliadhna an aghaidh riaghaltas Bhreatainn a th' air son a chur gu ruige Iòrdan, far a bheil e fo chasaidean ceannairc. Thuirt Coimisean Ath-thagraidh na h-In-imreachd an-dè, nach eil iad riaraichte idir gum faigheadh e èisteachd chothromach ann an Iòrdan.

Tha Ùghdarras Sheirbheisean an Ionmhais agus riaghladair a' chumhachd Ofgem a' rannsachadh aithris bho chuideigin sa ghnìomachas gu bheil cuid de chompanaidhean air a bhith a' stiùireadh margaidh a' ghas air dhòigh agus gun dèan iad fhèin prothaidean nas motha. Thuirt an Rùnaire Ionmhais, Greg Clark, ma thèid dearbhadh gu bheil a leithid a' tachairt gum bi peanasan troma air an fheadhainn a bha ris.

Dh'èirich rèat na h-Armhorachd 0.5% san Damhair, an t-àrdachadh as motha bho chionn bliadhna. Bha an Clàr Ceannaich (CPI) suas gu 2.7% bho 2.2% san t-Sultain, a rèir Oifis na Stataistig Nàiseanta.

Tha Poilis a' rannsachadh mar a chaidh an taigh ann an Gleann Comhann a bhuinneadh do Jimmy Savile aig aon àm a mhilleadh airson an treas turais anns an dà sheachdain mu dheireadh. Chaidh peanta orainns a chur air an taigh air an deireadh-sheachdain. Air a' mhìos a chaidh chaidh na facail "Jimmy the Beast" a sgrìobhadh air balla, agus chaidh clachan a thilgeil air. Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Anndra Baxter, gur dòcha gum bi e cho math an taigh a leagail leis gu bheil e ceangailte a-niste ris an sgainneal mu dhrabastachd chloinne.

Thuirt a' chompanaidh a th' airson càbal dealain a chur fon mhuir eadar Leòdhas agus Tìr Mòr nach urrainn dhaibh innse an-dràsta carson a chosgas e a dhà uidhir ri pròiseactan eile den aon sheòrsa ann an dùthchannan Eòrpach eile. Thuirt Scottish Hydro Electric Transmission Eta, aig toiseach na mìos, gun cosg am pròiseact £700m. Cha chosg pròiseact den aon mheud anns an t-Suain ach leth sin.

Bidh tuilleadh saoirse aig pàrantan ùra mun ùine a gheibh iad air falbh bhon obair airson suas ri bliadhna an dèidh leanabh a bhith aca. Dh'innis an Leas-Phrìomhaire Nick Clegg an-diugh mun sgeama ùr fo am bi cead aig pàrantan còmhla, no eadar iad, ùine a ghabhail dheth airson suas ri bliadhna uile gu lèir.