Companaidh a' chaisteil fo rianachd
Tha a' chompanaidh aig an robh a' chiad chùmhnant airson Caisteal Leòdhais a chàradh, air a dhol ann an làmhan luchd-rianachd.
Tha Patton, a tha stèidhichte an Èirinn a' Tuath, air na milleanan notaichean a chall san dà bhliadhna a dh'fhalbh.
Tha companaidhean sna h-Eileanan a' sireadh nan ceudan mhìltean notaichean bhuapa.
Tha Comhairle nan Eilean Siar dòchasach ge-tà, gun tèid aca air rudeigin as thoirt às seo a chuireas dìon air cosnaidhean san sgìre.
Seo Aonghas Dòmhnullach.