BBC Naidheachdan

Puinnseanachadh cyanide an Leòdhas

Tha an duine dham boin Loidse Thimisgearraidh ann an Uig Leòdhais agus triùir eile air ais aig an taigh às dèidh tubaist le puinnsean cyanide Diciadain.

Chaidh an duine, fireannach eile agus dithis luchd-obrach charbad eiridinn a thoirt dhan ospadal airson deuchainnean ach chaidh iad uile a leigeil dhachaidh.