BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m.

Thàinig crìoch oifigeil air seacadh eaconamach Bhreatainn, agus àireamhan ùra a' sealltainn gun do dh'fhàs an eaconamaidh anns an treas cairteal den bhliadhna. Bha an t-àrdachadh ann an GDP na Rìoghachd Aonaichte cuideachd nas motha na bha dùil, aig 1%. Sin an t-àrdachadh ràitheil as motha ann an còig bliadhna, a rèir Oifis na Staitistig Nàiseanta. Bha eòlaichean den bheachd gum biodh e nas fhaisge air 0.6%.

Dh'aidich Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil e mì-fhortannach gun deach leigeil le daoine a bhith a' smaointinn gun robh comhairle laghail aig ministearan an SNP air an àite a bhiodh aig Alba neo-eisimeilich san Aonadh Eòrpach, nuair nach robh. Tha dùil gun tèid tuilleadh cuideim a chur air Ailig Salmond mun chùis nuair a nochdas e aig àm Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir feasgar.

Tha fear fhathast fo chùram san ospadal ann an Steòrnabhagh air eagal 's gun deach a thruailleadh leis a' phuinnsean cyanide. Chaidh an duine ainmeachadh gu h-ionadail mar Dickon Green leis a bheil loidse iasgaich aig Tiomsgarraidh ann an Ùig'. Fhuair triùir eile cùram cuideachd - fear a thug taic dha, agus dithis de chriutha charbaid-eiridinn, ach cha deach an cumail anns an ospadal.

Thàinig e am follais gu bheil BP air stad a chur air dà heileacoptair teasairginn Superpuma a th' aca anns a' Chuan a Tuath a bhith a' sgiathadh ach a-mhàin nuair a tha beatha ann an cunnart. Tha seo a' leantainn air mar a thàinig itealan Superpuma, a tha coltach ris an fheadhainn aig BP, a-nuas dhan mhuir faisg air Sealtainn Diluain. Thuirt a' chompanaidh ola gu bheil iad a' sealltainn ri heileacoptairean Sikorsky a chleachdadh fhad 's a tha sgrùdadh ga dhèanamh air dè dh'adhbharaich an tubaist.

Chaidh rannsachadh muirt a chur air chois ann an Siorrachd Lannraig a Deas às dèidh mar a fhuaireas corp boireannaich ann an taigh ann an Cille Brìghde an Ear. Thadhail Poilis air taigh air Old Coach Road, mu 10:45f an-raoir, às dèidh dhaibh aithrisean fhaighinn gun deach boireannach a ghoirteachadh. Thuirt Poilis gu bheil iad den bheachd gun deach ionnsaigh a thoirt air a' bhoireannach, a bha 51, a dh'aona-ghnothaich.

Èigneachadh

Agus tha Poilis Lodainn 's nan Crìochan a' sireadh fianaisichean às dèidh mar a chaidh deugaire èigneachadh ann an Dal Chèith tràth madainn na Sàbaid. Chaidh ionnsaigh a thoirt air an nighean, a tha 18, ann an coille bhig, faisg air geataichean Bun-sgoil Naomh Dhàibhidh. Tha na Poilis airson bruidhinn ri neach sam bith a bha mu thimcheall air Rathad Lauder, agus Slighe Kippilaw anns a' bhaile eadar meadhan oidhche agus 02:00m.