Naidheachdan 11:00m

Chaidh còignear shaighdear Astràilianach a mharbhadh ann an dà thachartas ann an Afganastan. Chaidh triùir a mharbhadh nuair a loisg fear-gunna ann an èideadh airm Afgan orra ann an sgìre Uruzgan. Chaill dithis eile am beatha ann an tubaist heileacoptair ann an Helmand. Thuirt Prìomhaire Astràilia, Julia Gillard, nach atharraich na bàis an obair sa bheil Astràilia an sàs ann an Afganastan.

Chaidh trèana far na rèile ann an Cumbria an dèidh bualadh ann am maoim-slèibhe faisg air St Bees. Bha còrr is 100 duine air an trèana, ach cha deach duine dhiubh a ghoirteachadh.

Tha dàibhearan bho Phoilis Roinn a' Mhonaidh a' rannsachadh na mara faisg air Geàrrloch airson corp Eoghainn Pheutain às a' Mhanachainn. Tha dùil gun deach Mgr Peatan, a bha 32, a bhàthadh cuide ri a mhic, Eoghainn agus Jamie, agus nighean eile, Gracie NicAoidh a bha còig bliadhna de dh'aois, nuair a chuir canù car feasgar na Sàbaid.

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gur e droch stiùireadh, cion-eòlais agus cion-lèirsinn an Riaghaltais as coireach gu bheil trì pròiseactan mòra IT ann an Alba a' cosg mòran a bharrachd air na bu chòir dhaibh. Tha Oifis a' Chrùin, Disclosure Scotland agus Buidhean Chlàraidh na h-Alba, air £133m a chosg gu ruige seo a' feuchainn ris na siostaman IT aca a leasachadh. Thuirt fear-labhairt do Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Chaidh fàgail air Pàrlamaid na h-Alba gu bheil i a' toirt droch bhuaidh air neo-eisimeileachd agus deamocrasaidh ann an siostam lagha na h-Alba. Tha Alasdair Bonnington, a bha na ollamh ann an Oilthigh Ghlaschu a' sgrìobhadh sa phàipear-naidheachd an Times an-diugh, agus esan ag ràdh gu bheil Pàrlamaid na h-Alba air cus laghan ùra a stèidheachadh mar dhòigh air pàipearan-naidheachd Tabloid a riarachadh.

Tha na Geamaichean Para-limpigeach as motha riamh air tòiseachadh ann an Lunnainn. Tha farpaisean marcachd agus ball-làimhe am measg na tha a' dol an-diugh sa mhadainn. Rinn a' Bhàn-righ fosgladh oifigeil air na geamaichean an-raoir.

Dh'fhàg àrd-oifigear Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Eardsaidh Robasdan, a dhreuchd an dèidh beagan is dà bhliadhna san obair. Cha tuirt a' chompanaidh ach gur e co-dhùnadh Mhgr Robasdan fhèin a bh' ann. Bha Mgr Robasdan na àrd-oifigear cuideachd air NorthLink, a chaill cùmhnantan aiseig Arcaibh is Shealtainn ri Serco. Tha dùil gum bi iadsan cuideachd a' tagradh airson seirbheisean a tha an-dràsta aig Cal Mac.