Naidheachdan 11:00m

Chuir cùirt ann an Nirribhidh binn 21 bhliadhna sa phrìosan air Anders Brevik, an duine a mhurt 77 duine an-uiridh le ionnsaigh ghunna agus boma. 'S e sin a' bhinn as motha fo lagh Nirribhidh, ged a ghabhas i leudachadh ma thig co-dhùnadh gu bheil Brevik fhathast na chunnart do dhaoine eile. Dh'aontaich còignear bhritheamh gun robh làn-chiall aig Brevik nuair a spreadh e boma ann an Oslo, agus nuair a thug e ionnsaigh le gunna air campa air eilean Utoeya.

Tha na h-àireamhan as ùire bho Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh nach robh crìonadh ann an eaconamaidh na dùthcha buileach cho dona 's a bha dùil eadar an Giblean agus an t-Ògmhios am bliadhna. Thuit torradh na dùthcha (GDP), 0.5% anns na trì mìosan sin - beagan nas lugha na a' chiad thomhas de 0.7%. Ach chan eil coltas ann gun dèan na figearan airson torradh na dùthcha mòran faochaidh dhan t-Seansalair Seòras Osborne, air a bheil cuideam as ùr rudeigin a dhèanamh mun eaconamaidh an dèidh dha tighinn am follais gun robh fiachan na roinne poblaich gu math nas motha na bha dùil anns an Iuchair.

Tha am pàipear-naidheachd an Sun a' dìon mar a dh'fhoillsich iad dealbhan an-diugh den Phrionnsa Harry gun stiall aodaich air aig pàrtaidh ann an taigh-òsta ann an Las Vegas an t-seachdain seo chaidh. Tha na dealbhan air nochdadh mar thà ann am pàipearan ann an dùthchannan eile agus air an eadar-lìon. Tha an Sun ag ràdh gu bheil iad air na dealbhan fhoillseachadh airson dìon a chur air saorsa nam meadhanan naidheachd.

Thèid £18m a chur ri taigheadas ann an sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid. Dh'aontaich comhairle na sgìre a dhol air adhart le diofar sgeamaichean. Nam measg tha taic-airgid do dhaoine airson taighean falamh a chàradh, agus cuideachd iasadan airson taighean a cheannach.

Thug Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid Westminster slaic air a' chompanaidh SSE, a dh'innis gum bi iad a' cur 9% ri prìs a' ghas agus an dealain aca anns an Damhair. Tha Aonghas Brianan MacNìll ag ràdh nach dèan sin dad ach tuilleadh bochdainn do mhòran, agus gur e dearbhadh a th' ann air cho sanntach 's a tha na companaidean mòra cumhachd.

Air fhoillseachadh