Briathrachas Gàidhlig àrsaidh

Dè chanadh sibh airson rudeigin eachdraidheil mar portcullis, neo battlements.

Uill sin an dearbh cheist ris a bheil Alba Aosmhor a' strì an dràsta - 's iad air taic-airgid fhaighinn airson stòras a chruthachadh de dh'fhaclan a tha a' buntainn ri eachdraidh agus arc-eòlas.

Nochdaidh na faclan a chruinnicheas iad ann a stòr-dàta a thèid fhoillseachadh air-loidhne.