Sgeama eaglaise do luchd-turais

Tha tè de choithionalan na h-Eaglaise Saoire ann an Inbhir Nis a' ruith sgeama ùr airson an t-soisgeul a chuir fa chomhair luchd-turais - agus daoine anns a' bhaile fhèin nach bi a'dol dhan eaglais.

Fad an t-Samhraidh fosglaidh iad an eaglais eachdraidheil aca gach feasgar Disathairne ach am faic daoine am broinn an togalaich.

Ach mar a tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris, 's e cothrom bruidhinn ri daoine mu nithean nas tomadaiche a tha fa-near dhaibh.

Air fhoillseachadh