Moladh air obair dìon nan cladaichean an Uibhist

Rinn Riaghaltas na h-Alba moladh mòr air na tha Oxfam agus coimhearsnachd Uibhist a Deas a' dèanamh airson dìon a chur air oirthir an eilein.

Bha Ministear na h-Àrainneachd, Stiùbhart Stevenson, a' bruidhinn 's e air chuairt san eilean an-dè.

Tha faireachdain ann ge-tà gu feum barrachd dhaoine gnothaich a ghabhail ri crìonadh nan costaichean.

Air fhoillseachadh