Bonn-umha Oilimpigeach Sgitheanach

Thèid buinn ghèamanan oilimpigeach a tha còrr 's 90 bliadhna a dh'aois a thaisbeanadh aig ionad Chlann Dòmhnaill ann an Slèite air an t-samhradh-sa.

Bhuannaich Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach às an Eilean Sgitheanach bonn umha airson carachd ann an 1924. Tha a theaghlach a-nise air na buinn a thoirt dhan taigh tasgaidh.

Air fhoillseachadh