Comann nam Pàrant am Port Rìgh a' sireadh oifigeir leasachaidh

  • Air fhoillseachadh
Caladh Phort RìghTùs an deilbh, Geograph/wfmillar

Fhuair Comann nam Pàrant ann am Port Rìgh taic-airgid 'son oifigear-leasachaidh Gàidhlig fhastadh.

Chuir iad sanas a mach 'son na h-obrach, fad bliadhna sa chiad àite, ach tha dòchas ann gun tèid sin a leudachadh.

Tha a' bhuidheann a' sireadh oifigeir a nì beagan leasachaidh sa choimhearsnachd fo sgàilean a' chomainn - agus tha iad ag ràdh gu bheil iad a' coimhead nas fharsainge na dìreach gnothaichean co-cheangailte ri cloinn.

"Tha sinn a' coimhead 'son neach a nì obair air gnothaichean taobh a-muigh na sgoile - gu h-àraid aig ìre na h-àrd-sgoile agus cuideachd aig ìre na bun-sgoile agus tràth-bhliadhnaichean cuideachd," thuirt Faye NicNèill bhon chomann.

"Bidh sinn cuideachd a' coimhead ris an oifgear a tha seo a cheangal a-steach ri gnothaichean eile a tha a' tachairt san sgìre mar 'Speak up for Gaelic' a tha Urras Oighreachd Phort Rìgh air a bhith ag obrachadh air agus gnothaichean eile mar sin."

Thuirt a' Bh-Ph. NicNèill gu bheil iad airson diofar ghinealaichean a thoirt còmhla gus nach bi obair an oifigeir-leasachaidh dìreach mu dheidhinn cloinne agus gum bithear a' faicinn gu bheil rudan a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig taobh a-muigh an t-seomair-theagaisg cuideachd.

Tha dòchas aice gum mair an dreuchd nas fhaide na bliadhna.

"Bidh e cudromach gun cum sinn sùil air mar a tha seo ag obrachadh agus a bheil daoine a' faicinn gu bheil feum ann agus gu bheil e a' dèanamh atharrachaidh dhan chànan agus gnothaichean mar sin, agus ma tha e soirbheachail bhiodh sinn a' sùileachadh gum biodh sinn a' coimhead ri taic a bharrachd fhaighinn airson a chumail a' dol nas fhaide," thuirt i.