Bhòtairean gan clàradh sna Bàigh

  • Air fhoillseachadh
Bàigh na Hearadh

Dh'iarr Buidheann-stiùiridh Bàigh na Hearadh air munntir na sgìre a dh'fhaodas bhòtadh, iad fhèin a chlàradh ron an 19mh den Lùnastal, gus leigeil dhaibh a bhi sàs ann am baileat a dhearbhas a bheil taic ann airson an oighreachd a cheannach leis a' choimhearsnachd air an ath-mhìos.

Tha seo a' tighinn às dèidh do rannsachadh sealltainn gu bheil an oighreachd ann an suidheachadh làidir a thaobh ionmhais, agus gun cuidicheadh seo le trioblaidean leithid crìonadh-sluaigh, agus dìth aitichean-fuirich aig prìs reusanta.

'S iad na Bàigh - a tha cuideachd a' gabhail a-steach Eilein Bheàrnaraigh na Hearadh - aon de na h-oighreachdan as motha a tha fhathast fo shealbh prìobhaiteach anns na h-Eileanan an Iar.