Duaisean do sgoilearan sna h-Eileanan Siar

  • Air fhoillseachadh
Màiri NicIain agus a teaghlachTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,
Màiri NicIain agus a teaghlach

'S iad Màiri NicIain à Sgoil Lìonacleit agus Luke MacLeòid à Sgoil MhicNeacail a choisinn duaisean Urras Cuimhneachaidh Dhòmhnaill Stiùbhairt 2022.

Dh'aontaich na h-urrasairean uile gur i Màiri NicIain a bu mhotha a bha airidh air an duais airson obair air leth.

Thuirt iad gur e tè a bh' innte a rinn obair mhòr airson 5 comharran A sna deuchainnean Àrd-Ìre a chosnadh ann am bliadhna sgoile a bha air leth dùbhlanach air sgàth a' phandemic.

Choisinn i cuideachd duais CREST a thèid a bhuileachadh air oileanaich a rinn adhartas mòr ann an cuspairean saidheans agus teicneòlais, STEM.

Tùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,
Màiri NicIain a' faighinn a duaise bho Cheannard Comhairle nan Eilean Siar, An Còmh. Pòl Steele

Thuirt Gordon Young, Ceannard Sgoil Lìonacleit, gun robh iad air an dòigh gun deach an duais a thoirt do Mhàiri: "Tha Màiri gasta agus èasgaidh mun a h-uile càil sa bheil i an sàs agus 's e sgoilear air leth a th' innte.

"Tha i fileanta sa Ghàidhlig agus 's e tosgaire air leth a th' innte airson Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig."

Duais na Gàidhlig

Chaidh an duais airson a' Ghàidhlig a thoirt air adhart a bhuileachadh air Luke MacLeòid à Sgoil MhicNeacail airson na rinn esan a thaobh a' chànain anns an sgoil agus sa choimhearsnachd.

Tha e air pàirt a ghabhail aig mòdan, Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean agus ann an Café Beartais.

Tùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,
Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, An Comh. Coinneach MacLeòid, a' toirt seachad na duaise do Luke MacLeòid

Rinn e bhideo airson taic a thoirt do chloinn a tha a' gluasad bhon bhun-sgoil dhan àrd-sgoil agus rinn e filmichean goirid do Stòras Leanne agus FilmG.

Thuirt Fiona Choineagan bho Sgoil MhicNeacail: "Bha na sgilean aig Luke a thaobh bruidhinn, leughadh agus sgrìobhadh sa Ghàidhlig gu math follaiseach bhon thòisich e san sgoil.

"Ghabh e gach cothrom an cànan a chleachdadh nuair a b' urrainn dha taobh a-muigh agus taobh a-staigh na sgoile."

A' cur meala-naidheachd air Màiri agus Luke thuirt Mairead Mhàrtainn, Cathraiche Urras Dhòmhnaill Stiùbhairt, gun robh iad a' guidhe gach soirbheachais dhan dithis aca airson an àm ri teachd.

Tùs an deilbh, Comhairle nn Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,
Urrasairean Urras Cuimhneachaidh Dhòmhnaill Stiùbhairt, Iain MacAmhlaigh agus Lesley Ghreumach, Luke MacLeòid agus Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid